FACALBEAG

Beachdaich air mar dh’fhaodas na Sgriobtuiran a h-uile gnothach a tha thu deanamh gach latha, na nithean cumanta air nach smuainich thu, eadhon air an lath’ an diugh fhein. Dh’uisg thu agus bha dorchadas na h-oidhche seachad, ach bha solus na maidne ann. Tha an Sgriobtur a’ bruidhinn gu tric air Solus an t-saoghail.

Dh’èirich thu agus chaidh thu do’n ionad ionnlaid agus thug thu sùil ort fhein anns an sgathan. Chuir Solamh deich soithichean ionnlaid anns an Teampull airson feumalachd nan sagart, agus lorgaidh tu sgàthan do d’anam anns an Fhirinn. Dh’ullaich thu bord airson biadh maidne, agus bha aran agad comhla ri rudan eile, agus tha Aran na Beatha air ullachadh le Dia a tha anns na tràthaibh ceart a’ tabhairt dhuinn ar bìdh.

Thug thu làmh air gach inneal a dh’fheumas tu airson d’obair làthail, faodaidh spaid no speal no bata a’ chroiteir, òrd no sàbh an t-saoir, sguab no poitean bean an taighe, agus thug thu moine, gual agus connadh a steach, airson blàths, comhurtachd agus teas a bhruicheas biadh.

Tha sìol agad a chuireas tu anns na feannagan, a ghiulanas toradh ‘na am iomchuidh fhein, agus tha beag no mor do bhuinn agad anns a’ sporan, agus tha am Biobull a’ toirt iomradh air airgiod agus òr a tha feumail dhuit anns an t-saoghal seo. Agus mar sin nach math gu’m bi sinn a’ cuimhneachadh air dachaidhean a tha moladh a’ Chruithfhear, a tha ‘g ar treòrachadh, a toirt dhuinn solus, biadh, airgiod, aodach, dachaidh, cairdean agus fhocal fhein airson beannachd siorruidh do ar ‘n anam.

Salm 145:15
“Tha sùile fos gach dùil’ air bith a’ feitheamh ort, a Righ